BBC Aimsir (@BBCAimsir) header
BBC Aimsir (@BBCAimsir) profile picture

Fiosrachadh mun aimsir, bhon sgioba aig BBC Alba. Sarah Cruickshank, Derek Mac an Tòisich & Joy Dunlop.

Glaschu
Joined June 2012
Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)Photo by BBC Aimsir (@BBCAimsir)
Cò ris a bhios i coltach thairis air an deireadh sheachdain? Tha barrachd fiosrachaidh aig Caitriana.
2
1
6
211
A bheil cleasan-teine gu bhith ann a thaobh na sìde a-nochd? Seo Caitriana.
1
6
317
‘S e pìobaire an aon-phuirt a th’ ann an Joy, agus aimsir chiùin, thioram, sgòthach ron a’ chuid as motha againn airson deagh ghreis fhathast.
2
11
410
'S e feasgar beagan nas grianaiche a tha againn an-diugh, mar a chithear sna dealbhan seo bho na #BBCWeatherWatchers againn. Joy
1
4
207
‘S e glè bheag de dh’atharrachadh a thig air an aimsir tron t-seachdain, agus i a’ maireachdainn tioram ach sgòthach sa chumantas. Seo Joy le tuilleadh fiosrachaidh.
1
3
13
437
Sùil air an aimsir tarsainn na dùthcha, tro shùilean ar #BBCWeatherWatchers dìcheallach. Joy
2
4
186
Dè tha romhainn an t-seachdain sa a thaobh na sìde? Tha am fiosrachadh aig Ceitidh.
3
8
486
Abair sìde bhrèagha, thioram a th' aig Ceitidh dhuinn airson toiseach na seachdaine ri thighinn.
2
9
487
Coltas an ìre mhath tioram, ciùin air na làithean ri thighinn. Seo Ceitidh le tuilleadh.
2
9
450
Chan eil dad eagallach anns an aimsir a th'aig Sarah airson Oidhche Shamhna! 🎃
1
7
390
Chan eil sgeul air na stoirmean le sìde shocair romhainn airson grunnan làthaichean.
2
10
527
Seo Derek leis an t-sìde.
1
1
6
454
Às dèidh là gu math gaothach eile dhan a' chuid as motha againn agus frasan bitheanta, trom air a bhith againn air is dheth - saoil dè bhios fa-near dhuinn tron a' chòrr dhen t-seachdain?
172
Ged a bha i gu math nas ciùine tro mhòran sgìrean an-diugh, co-dhiù an taca ri cho fiadhaich sa bha i tron deireadh-sheachdain - tha barrachd ghèiltean san amharc a-nochd agus a-màireach. Tha am fiosrachadh air fad aig Derek.
1
6
223
Ged a gheibh sinn cuidhteas de stoirm BOELO a-nochd agus a' ghlainne gu bhith ag èirigh tron oidhche, tha barrachd ghèiltean agus sìde fhliuch san amharc. Seo Derek le tuilleadh.
2
9
406
Abair crathadh a tha mòran againn air fhaighinn bho Stoirm BOELO agus i air a bhith air leth fiadhaich fad is farsaing. Seo cuid de na h-uspagan gaoithe as làidire a chaidh a chlàradh bho ghluais an stoirm a-steach an-dè. Stoirmeil dha-rìribh!
1
1
3
318
Cuimhnichibh gu bheil an gloc a' dol air ais a-nochd, mar sin gheibh sibh uair a thìde a bharrachd anns an leabaidh madainn a-màireach (cho fad 's nach cùm Stoirm BOELO nur cois sibh).
194
A bheil sibh air buaidh Stoirm BOELO fhaireachdainn mar-tha? Uill, 's ann nas fhiadhaiche buileach a dh'fhàsas i tro mhòran sgìrean a-nochd, agus mairidh i gu math fiadhaich a-màireach cuideachd. Tha am fiosrachadh as ùire aig Derek.
3
4
216
A bharrachd air rabhaidhean gaoithe a bhith an sàs a-nochd, tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe airson uisge trom fhoillseachadh cuideachd. Bidh tòrr uisge air na rathaidean agus dh'fhaodadh tuiltean a bhith ann gu h-ionadail cuideachd.
1
144
Chì sibh Stoirm BOELO a' teannadh air iar-thuath na h-Alba air an dealbh-saideil a chaidh a thogail na bu tràithe an-diugh. Breàgha ach mosach aig an aon àm.
2
285